Oran Air Bhreith A Phrionnsa Tearlaich - Capercaillie

Oran Air Bhreith A Phrionnsa Tearlaich - Capercaillie

Альбом
Capercaillie: A Collection
Год
2013
Язык
`Gēlu`
Длительность
313680

Zemāk ir dziesmas vārdi Oran Air Bhreith A Phrionnsa Tearlaich , izpildītājs - Capercaillie ar tulkojumu

Dziesmas vārdi " Oran Air Bhreith A Phrionnsa Tearlaich "

Oriģinālteksts ar tulkojumu

Oran Air Bhreith A Phrionnsa Tearlaich

Capercaillie

'N naigheachd a fhuair sinn an drasd'

A thainig oirnn nuadh do’n tir

Chuir m’airtneal air chairtealan uam

Dh’fhag aigeantach, uallach mi

Cha bhi sinn tuilleadh na’s mo

Aig Deorsa fada fo chis

Thig sonas ri linn a' Phrionns’oig

'S gheibh fir tha air fogradh sith

Rugadh Phoenix thall anns an Roimh

Sgeul aigeantach mor ri 'linn

Gum bi neart agus ceart mar ri treoir

Do’n fhear sheasas coir an Righ

Theid a' chuibhle fhathast mu’n cuairt

'S am fear a tha shuas, bidh e sios

Bidh am fear a tha streapadh, gu h-ard

'S fear eile gu lar tuitidh sios

Tha Neptun a' mionnachadh dha

Gum bheil muir dha co reidh us tir

Tha Aeolus a’feitheamh a ghnath

'S a’gleidheadh dha baidh a ghaoith

Tha Mars us a chlaidheamh 'na laimh

Le buaidh-chath' 's gach aite am bi

Tha plannta nan duilleagan tlath

Toirt urraim 'nan aiteachan fin

Thig muthadh air fonn as droch-ghne

Cha bhi dris ann an lar nach crion

Bidh gach tulach 'na iomairibh reidh

'S fasaidh 'n cuithneachd air aodainn shliabh

Cha dean sinn tuilleadh cion-fath

O’n a theirig an fhreumh nach cinn

Sin an gartlann a ghlanadh o’n charr

Bha bacadh dhuinn fas ar siol

Sgeul eile cha cheil mi an drasd'

Cuiridh coille trom-bhlath os ar cinn

Cuiridh 'n talamh gun airceas de bharr

Tacar mara cur lain’s gach lion

Bidh bainn' aig an eallaich’s gach ait'

Mil air bharraibh nan srabh’s gach tir

Gun ghainne, gun airceas, gu brath

Gun ghaillionn ach blaths 's gach sian

Vairāk nekā 2 miljoni dziesmu tekstu

Dziesmas dažādās valodās

Tulkojumu pakalpojumi

Augstas kvalitātes tulkojumi visās valodās

Ātrā meklēšana

Atrodiet nepieciešamos tekstus dažu sekunžu laikā